Fiosrachadh mun Phròiseact

Chaidh a’ phròiseact a thug an catalog gu bith, Catalog–siridh Co-chruinneachaidh Chaluim MhicGilleathain Beul-aithris na Gàidhlig, a stèidheachadh ‘s a choilionadh bho 2006 gu 2009. Chaidh stuthan a’ chatalog a thrusadh le MacGilleathain eadar 1945 agus 1958, nuair a bha e air fhasdadh làn ùine aig Coimisiún Béaloideasa Éireann ann am Baile Átha Cliath mar rannsaiche raoin, agus an dèidh sin aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann. Tha a’ mhor-chuid dhen na stuthan a-nist an tasgadh aig Cnuasach Bhéaloideas Éireann, An Coláiste Ollscoile, Baile Átha Cliath, a’ gabhail a-staigh ath-sgrìobhaidhean a thugadh sìos bho chlàraidhean air siolandairean cèireadh, ‘s air an cumail ann an 23 leabhraichean (10,511 td; mu 2.1m facal). A bharrachd air sin gheibhear leabhraichean-latha MhicGilleathain tro na bliadhnaichean sin ann an Gaeilge ‘s an Gàidhlig. As deaghaidh sin rinneadh sreath eile do dh’ ath-sgrìobhaidhean far teip claisnteach (28 leabhraichean; 2224 td.; mu 440,000 facal) a tha an tasgadh aig Sgoil Eòlais na h-Alba. ‘S e sgeulachdan fada a th’ anns a’ chuid as motha dhiubh sin, còmhla ri òrain an siod ‘s an seo agus eachdraidhean beatha bho na beulaichean. Tha an dà chuid seo a’ gabhail a-staigh na tha air aithne do dh’ ath-sgrìobhaidhean bho obair-raoin MhicGilleathain sa Ghàidhlig. Chaidh clò-sgrìobhadh a dhèanamh air na h-ath-sgrìobhaidhean seo, an cur a-staigh do stòr-data XML agus an comharradh suas le rannsaichean tro TEI Lite. Tha ìomhaigh làn ceangailte ri gach duilleag chlò-sgrìobhaidh agus tha geàrr-chunntas sa Bheurla a’ freagairt do gach sgeulachd is òran airson obair choimeasan. Tha àireamhan eadar-nàiseanta AT, ATU agus ML ri fhaighinn, cho math ri seòrsachadh naidheachdan ionadail ann an Alba. Tha siostam seòrsachaidh den stuth air fad ann. Faodar sireadh a dhèanamh air rèir tiotail, ainm a’ bheulaiche, àite, ceann latha clàraidh, seòrsachaidh agus fhaclan iuchrach. Gheibh luchd rannsachaidh liosta iomlan de na stuthan, an siostam seòrsachaidh agus earrann theicneòlais bho leabhar-làimhe na pròiseict, còmhla ri liosta fhoillseachaidhean le Calum MacGilleathain.

‘S ann airson obair-rannsachaidh a-mhàin a tha an goireas seo ri chur gu feum. Tha na còirichean sgrìobhaidh is eile air an cumail leis a’ Choláiste Ollscoile, Baile Átha Cliath agus Oilthigh Dhùn Èideann.