Tha Catalog Siridh Co-chruinneachaidh Chaluim MhicGilleathain Air-Loighne na ghoireas sùbailte do luchd-rannsachaidh anns na h-oilthighean. Bidh e toirt seachad cothrom ann an riochd didseatach air mu 13,000 duilleag do dh’ ath-sgrìobhaidhean làimhe sa Ghàidhlig (sgeulachdan mar is trice) bho obair thrusaidh Chaluim MhicGilleathain (1915-1960). Chaidh an catalog siridh a dhealbhachadh ‘s a leasachadh le taic-airgid bhon Arts and Humanities Research Council (AHRC).
B’ e Calum MacGilleathain am fear-cruinneachaidh bu mhotha a bh’ ann an eachdraidh beul-aithris na h-Alba agus tha na chruinnich e fear dhe na stòrasan as cudromaiche air taobh an Iar na Roinn Eòrpa.
___________________________________
Fiosrachadh do Luchd-Rannsachaidh
Gheibh luchd-rannsachaidh sealladh dhen stòr-dàta phrìobhaideach bhon duilleig ‘Log Air’. Tha seo a’ toirt cothrom air stuthan air leth leis a’ cho-chruinneachadh, gu h-àraid ath-sgrìobhaidhean a rinn Calum MacGilleathain bho shiolandairean-clàraidh cèireadh agus feadhainn eile a rinn e bho theip chlaistinneach às deaghaidh sin. Anns an stòr-dàta gheibhear siostam seòrsachaidh a ghabhas a-staigh na siostaman eadar-nàiseanta do gach nì, agus faodar sireadh a dheanamh ann an caochladh dhòighean.
____________________________________
Taic a’ Cho-chruinneachaidh
Rinneadh obair a’ chatalog aig Sgoil Eòlais na h-Alba, ann an Roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann, ann an compàirt ri Coláiste Ollscoile, Baile Átha Cliath.
Taing is buidheachas do Lárionad Uí Dhuilearga do Bhéaloideas na hÉireann agus Cnuasach Bhéaloideas Éireann UCD air thàilleabh gach taic fhialaidh thàbhachdach a fhuaireadh bhuapa.