Cùl-Fiosrachaidh
Rugadh agus thogadh Calum Iain MacGilleathain (1915-1960), no Calum Iain mac Chaluim ’ic Chaluim ’ic Iain ’ic Tharmaid ’ic Iain ’ic Tharmaid, air neo, Calum an Tàilleir mar as fheàrr a b’ aithne dha, ann an Eilean Ratharsair (eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr na Gàidhealtachd) ann an Òsgaig air an t-siathamh latha den t-Sultain ann an 1915. Bha seachdnar chloinne aig Calum MacGilleathain, no Calum Chaluim Iain Ghairbh (1880-1951), tàillear, agus a bhean, Cairistiona NicNeacail, no Ciorstaidh Shomhairle Mhòir Iain ‘ic Shomhairle Phìobaire ‘ic Iain ‘ic Eòghain (1886-1974). Bha ceithir bhràithrean eile ann den teaghlach: Somhairle MacGill-Eain (1911-1996), a bha na shàr bhàrd agus na mhaighstir-sgoile, Iain MacGilleathain (1909-1970), a bha cuideachd na mhaighstir-sgoile, phìobaire agus sgoilear clasaigeach; Dr Alasdair MacGilleathain (1918-1999) a bha na sgoilear agus na dhotair còrr is deich air fhichead bliadhna ann an Uibhist a Deas agus Dr Tormod MacGilleathain (1921-1998). Bha dà phiuthar ann: Iseabail (1924-) agus Màiri (1926-) agus bha an dithis sin nan tidsearan cuideachd.
Foghlam
Chaidh MacGilleathain gu Sgoil Phoblach an Eilein Ratharsair an toiseach mus deach e gu Àrd-sgoil Phort-Rìgh (1929-1935), anns an Eilean Sgitheanach. ‘S ann an uair sin a chaidh MacGilleathain gu bhith na oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann (1935-1939) far an tug e ceum le urram aig a’ chiad ìre ann an Eòlas na Ceiltise fo sgèith an sgoileir ainmeil Uilleam MacBhàtair (1935-37) agus an uair sin a mhac Seumas MacGilleMhìcheil-MacBhàtair (1937-39). Bhuannaich e dà sgoileireachd air an robh McCaig agus Macpherson agus ’s ann an uair sin a chuir e aghaidh ri Èirinn agus a chaidh e gu bhith na oileanach ann am Baile Àtha Cliath aig Coláiste Ollscoile. An sin, rinn e barrachd rannsachaidh anns na cànnanan Ceilteach anns an t-seann Ghaelige fo sgèith an Àrd-Oll. Osborn Bergin (1872-1950) agus anns a’ Chuimris fo sgèith an Àrd-Oll. J. Lloyd-Jones (1885-1965). Ach nuair a thòisich an Darna Cogadh, chaidh casg a chur air an fhoghlam a bha seo agus b’ fheudar do MhacGilleathain sùil a thoirt a-mach gus am faigheadh e teachd-an-tìr eile. An toiseach, bha e air fhastadh ann am factaraidh ann an Cluain Meala, Contae Thiobraid Árann, agus bhuaithe sin, chaidh e a dh’fhuireach ann an Indreabhán, faisg air Cathair na Gaillimhe, ann an Conamara. Fhad ’s a bha e a’ fuireach ann, ghabh e ùidh ann am beul-aithris na sgìre sin mar thoradh air na leugh e bhon na leabhraichean a sgrìobh Dùbhghlas de hÍde (1860-1949).
Ag Obair anns an Raon
Cha b’ fhada gus an do thog e a’ Ghaelige agus chuir e fios gu Coimisúin Béaloideasa Éireann—a chaidh a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Èireann ann an 1935—agus chaidh e air fhastadh, leis an Àrd-Oll. Séamus Ó Dúilearga (1899-1980), na neach-cruinneachaidh pàirt-ùine. Ri linn seo, chuir MacGilleathain a chùl ris an Eaglais Chlèireachd a chionn ‘s gun deach e iompachadh gu bhith na Chaitleacach. Eadar an Lùnastal 1942 gu ruige a’ Ghearrain 1945, chuireadh na chruinnich MacGilleathain de bheul-aithris Chonamara anns an robh sia leabhraichean don Choimisúin. B’ ann anns a’ Ghiblean 1945 a fhuair MacGilleathain an cothrom gu bhith na neach-cruinneachaidh làn-thìde aig Coimisúin Béaloideasa Éireann ann am Baile Atha Cliath. Anns na beagan mhìosan a bha roimhe, dh’ ionnsaich MacGilleathain barrachd mu ealan na beul-aithris, oir bha e a’ toirt earrannan a-mach às na leabhraichean Gàidhlig san 19mh linn deug anns an robh sgeulachdan, cho math ri eòlas fhaighinn air obair-seòrsachaidh is obair-catalog.
Clàrachadh ann an Alba fo sgèith Coimisúin Béaloideasa Éireann (1945-1950)
Air an 19mh latha den Dùbhlachd, chuir Coimisúin Béaloideasa Éireann Calum MacGilleathain gu taobh eile Sruth na Maoile gus beul-aithris a thional. Mar bu dual, b’ ann gu eilean a bhreith a chaidh e an toiseach, agus cha b’ fhada gus an do thog e cruinneachadh nach bu bheag bhon teaghlach aige fhèin. Chuir Calum MacGilleathain a chuid smuaintean ri chèile, a sgrìobh e bho thùs anns a’ Ghàidhlig, mar a leanas mu dheidhinn:
Thòisich mise, Calum I. Mac Gille Eathain, a’ cruinneachadh beul-airthris agus litreachas beóil ann an eilean Ratharsair am paraiste Phort-righeadh anns an Eilean Sgitheanach air an 19mh lá de ‘n Dùdhlachd (Nodhlaig) 1945. Rugadh mi agus chaidh mo thogail anns an eilean seo. An uair a bha mise òg bha tòrr dhaoine anns an eilean seo aig a robh sgeulachdan agus seann-òrain nach deachaidh a sgrìobhadh sios riamh is nach téid a sgrìobhadh sios gu bràth. Tha an t-seann-fheadhainn an nis marbh agus thug iad gach rud a bha aca leotha do’n uaigh. Có dhiubh tha cuid de dhaoine ann fhathast a chuimhneachas bloighean de na h-òrain a bhiodh aca agus bloighean de’n t-seanchas eile cuideachd. Shaoil mi gu robh barrachd òran air am fàgail anns an eilean seo na bha de aon rud eile. Uime sin chuir mi romham na h-òrain a sgrìobhadh sios uile mar a chuala mi aig na daoine iad. Ach sgrìobh mi sios cuideachd gach rud a thachair rium. Tha fhios agam gu bheil sinn tri fichead bliadhna ro anamoch gu tòiseachadh air an obair seo, ach dh ‘fhaoite gu sàbhail sinn rud air chor eigin fhathast, mun téid a uile a dhìth…
I, Calum I. Maclean, began two days ago to collect the oral tradition of the island of Raasay. I was born and reared on this island. When I was young there were many people here who had tales and songs which had never been written down, and which never will be, since the old people are now dead, and all that they knew is with them in the grave. There are still some people alive who remember some of the songs and traditions of their forefathers, and as it seemed to me that there are more songs than anything else available, I decided to write down those which I could find. I realise that we are sixty years late in beginning this work of collection, but we may be able to save at least some of the traditional lore before it dies out…
An co-dhùnadh gus an tàinig iad, ‘s e gun robh an t-uabhas fhathast ri fhaighinn, agus mar thoradh air sin, chuir Coimisúin Béaloideasa Éireann roimhe ann an 1946 gun cuireadh iad Calum MacGilleathain air ais a dh’ Alba gus barrachd obair-clàrachaidh a dhèanamh. Ann an taobh astaigh ceithir bliadhna gu leth (eadar an t-Òg-mhìos 1946 gu deireadh na Dùbhlachd 1950), agus e fhathast air fhastadh aig a’ Choimisúin, chruinnich MacGilleathain 19 leabhraichean (anns an robh barrachd na 9.000 duilleag) cho math ris na leabhraichean-latha, 5 dhiubh (anns an robh barrachd na 2,000 duilleag). Ri linn na h-obrach seo, chruinnich MacGilleathan an sgeul as fhaide a chaidh a chlàradh riamh ann an Alba: ‘s e Alasdair Mac a’ Cheird an tiotal air an sgeul agus bha e mu 58,000 facal a dh’ fhaid. ‘S ann bho Aonghas Barrach MacGilleMhaoil a fhuair MacGilleathean e ann an 1949. Cha mhòr nach robh dùbladh de fhalcan ann bhon an sgeul ris an abrar Leigheas Coise Cein a bha 30,000 facal a dh’ fhaid, a chaidh a chlàradh bhon Ìleach, Lachlainn MacNèill, le Iain Prainneas Caimbeul agus Eachann MacGilleathain ann an 1870.
A’ Tional Bheul-aithris fo sgèith Sgoil Eòlais na h-Alba (1951-1960)
Air Latha na Bliadhna Ùire 1951, thòisich MacGilleathain na neach-cruinneachaidh aig Sgoil Eòlais na h-Alba a bha na roinn ùr de dh’Oilthigh Dhùn Èideann. Bhon uair sin, on a chaidh a Sgoil a chur air bhonn, thòisich cruinneachadh beul-aithris Ghàidhlig gu dùrachadh cho math ri beul-aithris an lùib na Beurla Ghallta. ‘S e Calum MacGilleathain a’ chiad duine a chaidh fhastadh mar neach-cruinneachaidh ach tha feadhainn eile air a bhith ann cuideachd: Seumas MacEanraig (1919-2002), Iain MacAonghuis (1930-), agus Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach (1929-1999) gun luaidh air iomadh duine eile. An toiseach, chaidh MacGilleathain gu ruige Loch Abar agus thog e barrachd na leth-mhìle naidheachd bho Iain am Bàrd agus ‘s ann “in the dead of winter, and Lochaber lay white and deep in snow” a thachair e ris. Na clàraidhean mu dheireadh a rinn MacGilleathain, ‘s ann air leabaidh a’ bhàis a bha iad.
Bha MacGilleathan air fear dhe na rannsaichean-raoin bu tràithe a chruinnich òrain, sgeulachdan cho math ri seanchas na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ cleachdadh innleachdan ùra. Air thàilleabh sin tha na chruinnich e air leth cudromach. Feumar aideachadh gun deach an t-uabhas do sgeulachdan is a lethid a chruinneachadh le Iain Òg Ìle (1821-1885) air neo leis an luchd-cruinneachadh a bh’ aige ach, seach nach robh comas aca ach air na sgeulachdan is eile a sgrìobhadh le peann is pàipear, bha obair throm ann oir b’ fheudar dhaibh a h-uile facal a sgrìobhadh a-mach facal air an fhacal. Mar a sgrìobh Iain Òg Ìle fhèin, beagan bhliadhnaichean às a dheaghaidh, cha deach a h-uile seòrsa sgeulachd a thogail anns a’ Ghàidhealtachd idir oir bha “”whole districts are yet untried, and whole classes of stories, such as popular history and robber stories, have yet been untouched.”
Ceangalaichean Eadar-nàiseanta agus Seanchaidhean
Os bàrr, chosg MacGilleathain faisg air bliadhna (bhon t-samhradh 1951 gu toiseach an t-samhraidh 1952) aig Oilthigh Uppsala anns an t-Suain far an do ghabh e an cothrom trèineadh proifeasanta fhaighinn air teoiric, catalogadh agus sgilean tasglannach an lùib na beul-aithris. B’ fheàirrde do MhacGilleathain siud agus an t-ionnsachadh a fhuair e fhad ’s bha e air fhastadh aig Coimisúin Béaloideasa Éireann. Às deaghaidh sin, chuir MacGilleathain air dòigh an siostam-seòrsachaidh an lùib na beul-aithris aig Sgoil Eòlais na h-Alba a bha air a stèidheachadh air an t-siostam aig Uppsala. Thugadh an t-eòlas a bh’ aig MacGilleathain air a bhith ag obair anns an raon a’ tional bheul-aithris, cho math ris an fhoghlam a fhuair e tron na bliadhnaichean, cothroman dha gus a bhith air leth math air obair-cruinneachaidh a dhèanamh. Cha bu bheag idir saothair Chaluim MhicGilleathain a’ sgrìobhadh nan sgeulachdan mòra, fada ud facal air an fhacal. Nuair a bhiodh obair-latha seachad, sgrìobhadh e a-mach na fhuaireadh air an oidhche. Tha e na iongnadh gun do thog MacGilleathain na h-uiread de bheul-aithris ’s a bha ri fhaighinn aig an àm a bha sin: eachdraidh na Fèinne, duain, naidheachdan mu na sìthichean, mu chreideamh, an dà shealladh, sgeulachdan mòra eadar-nàiseanta, cho math ri sgeulachdan beaga agus iomadh rud eile – gu dearbh rud sam bith a bhuineadh don t-seann saoghal a bha sìor-dhol às. Gun teagamh sam bith, bha tàlant ’s ealain air leth aige airson na h-obrach seo. Ge be dè a’ cheàrnaidh san tadhaileadh e, bha eòlas an t-sàr sgoileir aige air eachdraidh an àite, agus cha b’ fhada gus an d’fhuair e lorg air seanachaidhean agus seinneadairean, ma bha iad idir ann. Cuideachd, bha e furasda do MhacGilleathain a bhith faighinn air adhart le iomadh seòrsa duine agus chuireadh iad earbsa ann. ’S ann an uair sin a bhiodh iad deònach rud sam bith a bh’ aca a thoirt seachad. Thug e beachd air seo ann am fear de dh’artaigilean a sgrìobh e “for any folklore collector the crucial time is when contact is first made with the tradition bearer” agus “every folklore collector must be prepared to efface himself and approach even the most humble tradition bearer with the deference due to the high and exalted.” Ghabh MacGilleathain ris a’ comhairle seo agus seach gur h-e duine socrach, laghach a bh’ ann, làn de fhealla-dhà agus dibhearsain, dh’fhosgladh iomadh doras dha a dh’fhaodadh a bhith dùinte. A h-uile h-àite a rachadh e bheireadh i leis inneal-chlàraidh-fuaim air an robh an t-ainm ediphone – an seòrsa inneil a bhiodh a’ cleachdadh siolandair-cèire. Mar thoradh air sin, fhuair e a-mach na seanchaidhean a b’ fheàrr agus fhuair an t-uabhas bho iomadh duine. A-mach às na ceudan a chaidh a chlàradh le MacGilleathain, tha ceathrar ann a bha sònraichte math: Seumas MacFhionghuin, no Seumas Iain Ghunnairigh, (c. 1866-c.1946), à Bagh a Tuath ann am Barraigh, Donnchadh MacDhòmhnaill, Donnchadh Mac Dhòmhnaill ‘ic Dhonnchaidh, (1882-1954), à Peighinn nan Aoirean ann an Uibhist a Deas, Aonghas Barrach MacGilleMhaoil (1874-1954), à Grìminis ann am Beann na Faoghla agus Iain am Bàrd MacDhòmhnaill (1876-1964) à Drochaid Àrd ann am Bràighe Loch Abar.
Dìleab Chaluim MhicGilleathain
Bhuail aillse air MacGilleathain ann an 1956 agus b’ fheudar an gàirdean clì a ghearradh dheth a’ bhliadhna às a dheaghaidh. Ged a bha e fhathast a’ fuiling bhon aillse – an dearbh thinneas a chuireadh às dha – cha do lasaich air a shaothair tuilleadh fhad ’s bha an cothrom aige agus a dh’aindeoin a h-uile sìon a dol na aghaidh, bha e fhathast sunndach gu leòr. Gu mì-fhortanach, ’s e The Highlands (1959), an aon leabhar a chaidh fhoillseachadh fhad ’s a bha e ri mhaireann, anns an robh geur-chnuasach mu eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal bho Ghàidheal fhèin, agus a fhuair iomadh leirmheas fàbharach nuair a thàinig e a-mach an toiseach. A dh’aindeoin is nach robh cothrom aig MacGilleathain an t-uabhas de dh’artaigilean fhoillseachadh – air sgàth na saotharach mòire a rinn ann a bhith a’ cruinneachadh uiread de bheul-aithris cho ri math ri bhith a’ dèanamh tar-sgrìobhainnean agus obair air clàr-innse dhiubh – ’ s e an dìleab as luachmhoire a dh’fhàg às a dheaghaidh an cruinneachadh mòr a rinn e thar air còrr is dusan bliadhna nuair a bha e ris an obair seo (1946-1960). Chaidh a’ mhòr-chuid den chruinneachadh a dhèanamh ann an Innse Gall (ann an Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla agus Barraigh) agus air tìr-mòr na Gàidhealtachd. Tha còrr is 10,000 uair a thìde de sgeulachdan agus de dh’òrain air an clàradh agus air an tasgadh, agus tha iomadh clach a thog Calum Iain MacGilleathain anns a’ chàrn mhòr a tha seo. Faodar a bhith cinnteach gur h-e duine glèidhidh gun samhail a bh’ ann an MacGilleathain a chuireadh stad air rudan luachmhor a bha air thuar a bhith air falbh leis an t-sruth mura b’ e gun robh esan cho dìcheallach, èasgaidh na obair. Dh’fhàg e an stòras sin airson nan ginealaichean ri teachd, agus, mar sin dheth, mairidh a dhìleab fada às a dheaghaidh. Bha MacGilleathain daonnan mothachail dheth fhèin le a bhith na neach-cruinneachaidh a lean anns na luirgean a dh’ fhàg an fheadhainn mhòra a bha ann cheana: Iain Prainnseas Caimbeul (1821-1885), no Iain Òg Ìle, Eachann MacGilleathain (1818-1892), Alasdair MacGilleMhìcheil (1832-1912), Iain Mac an Deòir (1802-1872), An t-Athair Urr. Ailean Dòmhnallach, no Maighstir Ailein (1859-1905), agus iomadh neach eile. Ann an iomadh dòigh thug e bàrr orra uile.
Aig aois 44, dh’ eug Calum Iain air an t-siathamh latha den Lùnastal ann an Dalabrog an Uibhist a Deas – an t-eilean far an robh a chridhe. Anns an t-Sultain air a’ bhliadhna sin fhèin, bhiodh e air ceum LL.D., honoris causa, fhaighinn bho Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier – ionad aig an robh (agus aig a bheil) ceangal làidir ris a’ Ghàidhealtachd – mar dhuais gus an oidhirp mhòr a chomharrachadh a rinn e gus a’ bheul-aithris a ghleidheadh. ’S e urram air leth freagarrach a bh’ ann do sgoilear – an dearbh fhacal nach robh e idir ag iarraidh a bhith air a’ chloich-chinn aige ach far a bheil “Celtic Scholar and Folklorist” a’ nochdadh – a chosg iomadh uair fada ann a bhith a’ tional bheul-aithris. Chaidh a thìodhlacadh ann an Cnoc Hàllain ann an Uibhist a Deas. Rinn a bhràthair, Somhairle MacGill-Eain, Cumha Chaluim Iain MhicGill-Eain, marbhrann tiamhaidh a chuir an cèill gu h-ealanta an spèis agus a’ cho-fhaireachdainn a bha aige (agus aig iomadh duine eile) air a bhràthair a b’ òige:
Tha iomadh duine bochd an Albainn
dhan tug thu togail agus cliù;
‘s ann a thog thu ‘n t-iriosail
a chuir ar linn air chùl.
Thug iad dhutsa barrachd
na bheireadh iad do chàch
on thug thu dhaibh an dùrachd
bu ghrìosaich fo do bhàigh.
Mhothaich iadsan an dealas
a bha socair na do dhòigh,
thuig iad doimhne throm do dhaondachd
nuair b’aotroime do spòrs.There is many a poor man in Scotland
Whose spirit and name you raised;
You lifted the humble
Whom our age put aside.
They gave you more
Than they would give the others
Since you gave them the zeal
That was a fire beneath your kindness
They sensed the vehemence
That was gentle in your ways,
They understood the heavy depths of your humanity
When your fun was at its lightest.